menu.png
Passwort vergessen ?

Bibel durchsuchen

 (Index)


Gefundene Einträge

•••► •••►
Buch Kapitel Vers Text
Markus 2 1 Agus thill e gu Capharnaum an ceann beagan laithean, agus chualas gun robh e aig an tigh.
Markus 2 2 Agus chruinnich na h-uimhir, 's nach robh aite aca eadhon timcheall an dorais, is labhair e am facal riutha.
Markus 2 3 Agus thainig iad ga ionnsuidh a toirt leo duine, air an robh am pairilis, air a ghiulan le ceathrar.
Markus 2 4 'Sa chionns nach b' urrainn dhaibh a chur 'na lathair le domhlachd an t-sluaigh, ruisg iad mullach an tighe far an robh e; 'S air dhaibh fosgladh a dhianamh, leig iad sios an leaba air an robh fear na crithe 'na laidhe.
Markus 2 5 'S nuair chunnaic Iosa an creideamh, thuirt e ri fear na crithe: A mhic, tha do pheacannan mathte dhut.
Markus 2 6 Ach bha cuid de na Sgriobhaich 'nan suidhe an sin, 'sa smaoineachadh 'nan cridheachan:
Markus 2 7 Carson a tha e a bruidhinn mar so? tha e labhairt blaisbheum. Co is urrainn peacannan a mhathadh, ach Dia 'na aonar?
Markus 2 8 Dh' aithnich Iosa san uair 'na spiorad fhein gun robh iad a smaoineachadh so aca fhein, is thuirt e riutha : Carson tha sibh a smaoineachadh nan nithean sin 'nur cridheachan?
Markus 2 9 Co dhiu is fhasa radh ri fear na crithe: Tha do pheacannan mathte dhut; no radh: Eirich, tog do leaba, agus coisich?
Markus 2 10 Ach los fios a bhith agaibh gu bheil comas aig Mac an duine peacannan a mhathadh air talamh (thuirt e ri fear na crithe,)
Markus 2 11 Tha mi ag radh riut: Eirich, tog do leaba, agus falbh dhachaigh.
Markus 2 12 Agus ghrad-dh' eirich e: 'sa togail a leaba, dh' fhalbh e 'nam fianuis uile; air chors gun do ghabh iad ioghnadh air fad, 's thug iad gloir do Dhia, ag radh: Chan fhaca sinn riamh a leithid so.
Markus 2 13 Is chaidh e mach a-rithist gu taobh na mara; agus thainig an sluagh uile ga ionnsuidh, is theagaisg e iad.
Markus 2 14 'S nuair a bha e gabhail seachad, chunnaic e Lebhi Mac Alpheuis 'na shuidhe an tigh na cise, is thuirt e ris: Lean mise. 'S ag eirigh, lean e e.
Markus 2 15 Agus thachair, nuair a bha e 'na shuidhe aig biadh 'na thigh-san, gun do shuidh moran chismhaor is pheacach maille ri Iosa agus a dheisciopuil: oir bha moran ann, a lean e.

Seite:   1 2 3 4 5 6 7 8 9