menu.png
Passwort vergessen ?

Kapitel Ansicht

 (Index)


•••► •••►
Vers Text
1 'S ag eirigh as a sin, thainig e gu criochan Iuda air taobh thall Iordain; agus chruinnich sluagh a rithist ga ionnsuidh; agus mar a b' abhuist dha, theagaisg e rithist iad.
2 'S na Phairisich a tighinn ga ionnsuidh, dh' fharraid iad dheth: Bheil e laghail do dhuine a bhean a chur air falbh? 's iad ga bhuaireadh.
3 Ach esan a freagairt, thuirt e riutha: Ciod a dh' aithn Maois oirbh?
4 Thuirt iad: Thug Maois cead litir-dhealachaidh a sgriobhadh, 's a cur air falbh.
5 Thuirt Iosa gam freagairt : 'S ann air son cruas ur cridhe a sgriobh e dhuibh an reachd so.
6 Ach bho thus a chruthachaidh rinn Dia iad firionn is boirionn.
7 Air son so fagaidh duine athair agus a mhathair, is dluth-leanaidh e ri mhnaoi;
8 Agus bithidh an dithis nan aon fheoil. As leth sin cha dithis iad a nis, ach aon fheoil.
9 An ni ma ta a cheangail Dia, na fuasgladh duine.
10 Agus anns an tigh chuir a dheisciopuil ceisd air a rithist mun ni chiadna.
11 Is thuirt e riutha: Co sam bith a chuireas air falbh a bhean, 'sa phosas te eile, tha e dianamh adhaltrais na h-aghaidh.
12 'S ma chuireas bean air falbh a fear, 's fear eile phosadh, tha i dianamh adhaltrais.
13 Agus thug iad clann bheag ga ionnsuidh, los gum beanadh e dhaibh. Is bha na deisciopuil a maoitheadh air an fheadhainn a bha gan toirt uige.
14 Nuair a chunnaic Iosa iad, ghabh e gu h-olc e, is thuirt e riutha: Leigibh le cloinn bhig tighinn gam ionnsuidh, agus na bacaibh iad: 's gur ann dhan leithidean a bhuineas rioghachd Dhe:
15 Gu deimhinn tha mi gradh ribh: Co sam bith nach glac rioghachd Dhe mar leanabh beag, nach teid e a stigh innte.
16 Is ghlac e 'na uchd iad, 's a cur a lamhan orra, bheannaich e iad.
17 'S nuair a dh' fhalbh e mach air a thurus, thainig duine araid 'na ruith, 'sa dol air a ghluinean air a bhialaobh, dh' fharraid e dheth, ag radh: A Mhaighistir mhath, ciod a ni mi gus a bheatha shiorruidh a chosnadh?
18 Is thuirt Iosa ris: Carson a tha thu cantuinn math riumsa? chan eil aon sam bith math, ach Dia 'na aonar.
19 Is aithne dhut na faintean: Na dian adhaltras: Na dian marbhadh: Na dian goid: Na tog fianuis bhreige : Na dian mealltaireachd. Thoir onair dhad athair is dhad mhathair.
20 Ach esan a freagairt, thuirt e ris: A Mhaighistir, iad sin uile chum mi bhom oige.
21 Agus Iosa ag amharc air, thug e gaol dha, is thuirt e ris: Tha aon ni a dhith ort: falbh, reic na bheil agad, agus thoir do na bochdan e, agus bithidh iuntas agad am flathanas; is thig, lean mise.
22 Ach bha duilichinn airesan as leth an fhacail, is dh' fhalbh e gu tuirseach: oir bu duine e aig an robh moran beairteis.
23 Agus Iosa a coimhead mun cuairt air, thuirt e ri dheisciopuil: Nach duilich do dhuine beartach a dhol a stigh do rioghachd Dhe!
24 Is ghabh a dheisciopuil ioghnadh a bhriathran. Ach Iosa freagairt a rithist, thuirt e riutha: A chlann bheag, nach duilich dhaibhsan, a chuireas uidh am beartas, dhol a stigh do rioghachd Dhe!
25 Is fhasa do chamhal dhol tro chno snathaid, na do dhuine beartach a dhol a stigh do rioghachd Dhe.
26 Is ghabh iad am barrachd ioghnaidh, ag radh ri cheile: Agus co is urrainn a bhith sabhailte?
27 Agus thuirt Iosa, 's e ag amharc orra: Tha so do-dhiante do dhaoine, ach chan eil do Dhia: oir tha a h-uile ni an comas Dhe.
28 Agus thoisich Peadar ri radh ris : Seall, dh' fhag sinn a h-uile ni, agus lean sinn thu.
29 Is thuirt Iosa, 's e freagairt: Gu deimhinn tha mi ag radh ribh: chan eil neach sam bith a dh' fhagas tigh, no braithrean, no peathraichean, no athair, no mathair, no clann, no fearann, as mo lethsa, agus as leth an t-soisgeil,
30 Nach fhaigh a chiad urad a nis san tim so fhein, tighean, agus braithrean, is peathraichean, is mathraichean, is clann, is fearann, am measg geur- leanmhuinn, agus a bheatha shiorruidh san ath shaoghal.
31 Ach tha moran air thoiseach a bhitheas air dheireadh, 's air dheireadh a bhitheas air thoiseach.
32 Agus bha iad air an rathad a dol suas gu Ierusalem; agus dh' imich Iosa rompa, is bha ioghnadh orra; is bha eagal orrasan a bha ga leantuinn. Agus ghabh e rithist na dha dhiag, agus thoisich e ri innse dhaibh na bha dol a thachairt dha.
33 Seall, tha sinn a dol suas gu Ierusalem, agus liubhrar Mac an duine do na h-ard-shagairt, 's do na Sgriobhaich, 's do na seanairean, agus ditidh iad e gu bas, agus bheir iad seachad do na cinnich e;
34 Is ni iad fanaid air, agus caithidh iad smugaidean air, agus sgiursaidh iad e; agus marbhaidh iad e, agus eiridh e air an treas latha.
35 Is thainig Seumas agus Eoin, mic Shebede, ga ionnsuidh, ag radh: A Mhaighistir, is aill leinn gun dian thu dhuinn ni sam bith a dh' iarras sinn.
36 Ach thuirt esan riutha: Ciod is aill leibh mi dhianamh dhuibh?
37 Is thuirt iad: Deonaich dhuinn gun suidh sinn, fear againn air do laimh dheis 's am fear eile air do laimh chli, nad ghloir.
38 Is thuirt Iosa riutha: Chan eil fhios agaibh de tha sibh ag iarraidh. An urrainn dhuibh a chailis ol, a tha mise dol a dhol, no bhith air ur baisteadh leis a bhaisteadh leis a bheil mise rim bhaisteadh?
39 Is thuirt iad ris: Is urrainn dhuinn. Is thuirt Iosa riutha: Olaidh sibh gu dearbh a chailis, a tha mise dol a dh' ol; agus baistear sibh leis a bhaisteadh leis a bheil mise rim bhaisteadh
40 Ach suidhe air mo laimh dheis, no air mo laimh chli, cha leamsa gu thoirt dhuibh, ach dhaibhsan dhan deach uimheamachadh.
41 Is nuair a chuala an deichnar so, thoisich iad ri bhith diumbach de Sheumas 's de Eoin.
42 Ach Iosa gan gairm, thuirt e riutha: Is aithne dhuibh gum bheil acasan, air a bheileas a coimhead mar riaghladairean air na cinnich, ard-thighearnas orra, 's gum bheil cumhachd aig am prionnsaichean thairis orra.
43 Ach chan ann mar sin a bhios nar measgsa: ach co sam bith leis am miann a bhith air thoiseach 'nur measg, bithidh e 'na fhear frithealaidh dhuibh.
44 Is co sam bith leis an aill a bhith air thoiseach 'nur measg, bithidh e 'na sheirbhiseach agaibh uile.
45 Oir cha tainig Mac an duine e fhein los gun diante frithealadh dha, ach gu frithealadh, 's gus a bheatha leigeil sios 'na h-eirig air son mhorain.
46 Agus rainig iad Iericho; 's nuair bha esan 'sa dheisciopuil agus cuideachda ro-mhor a falbh, bh' an dall Bartimeus, mac Thimeiuis 'na shuidhe ri taobh an rathaid, ag iarraidh deirce.
47 'S nuair chuala e gur e Iosa bho Nasareth a bh'ann, thoisich e ri glaodhach 's ri radh: Iosa, a Mhic Dhaibhidh, dian trocair orm.
48 Is mhaoith moran air, fiach am biodh e samhach. Ach 'sann bu mhua gu mor a ghlaodh e: A Mhic Dhaibhidh, dian trocair orm.
49 Agus sheas Iosa, is dh' orduich e a ghairm. Agus ghairm iad an dall, a cantuinn ris: Biodh misneachd agad: eirich, tha e gad iarraidh.
50 'Sa tilgeadh bhuaithe fhalluinne, thainig e 'na leum ga ionnsuidh.
51 Agus Iosa a freagairt, thuirt e ris: Ciod is aill leat mi dhianamh dhut? Is thuirt an dall ris : A Rabboni, gum faic mi.
52 Is thuirt Iosa ris: Falbh, rinn do chreideamh slan thu. Agus sa cheart uair chunnaic e, is lean e e air an t-slighe.